Nighean Donn na Mala Crom
Lyrics:
Sèist
A nighean donn nam mala crom
A nighean donn nan caoin-shùl,
A nighean donn bho 'm binne fonn,
Gur mòr mo gheall air t' fhaotainn.
A nighean donn nam mala crom.
A nighean donn as grinne cruth,
As binne guth 's as caoine,
Ge geal an cobhar air an t-sruth
'S ann bhiodh e dubh rid thaobh-sa.
A nighean donn nam mala crom.
Mu rùn a chaileag luinneagach,
Deagh bhanarach na sprèidhe
'S nach gèill an seòmar uinneagach,
Dh'aon chruinneig tha 'n Dùn Èideann.
A nighean donn nam mala crom.
Tè eile air bith da sgiamhaichead,
Na d' fhianais-sa cha lèir dhomh,
'S ann tha thu measg nan nìonagan,
Ceart mar tha ghrian measg reultan.
A nighean donn nam mala crom.
O 's truagh bhith 'n seo air Galltachdm
Nuair tha 'n samhradh is mo cheud-rùn
A' strì cò 's grinne dheàrrsas nis
Air àirighean Ghlinn-crèaran.
A nighean donn nam mala crom.
A rùin nam biodh tu deònach air
'S ar càirdean uile rèidh rinn,
Cha chuirinn tuilleadh dàlach ann;
Am màireach bu leam fhèin thu.
A nighean donn nam mala crom.