Back

Nighean mo Ghaoil

Lyrics:

Sèist

'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Nam biodh tu rim thaobh cha bhithinn fo bhròn,
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg.

'S i Màiri Nic Neachdain as dàicheile pearsa
Ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beò.

Nuair sheallas mi t' aodann 's mi 'n coinneamh ri t' fhaodainn
Gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir.

Bheir mis' thu Dhùn Eideann a dh'ionnsachadh Beurla
'S chan fhàg mi thu d' èiginn ri sprèidh an fhir mhòir.

'S e mheudaich mo ghaol ort gun d' fhàs thu cho aobhach,
'S gun leumadh tu daonnan cho aotrom 's na h-eòin.