Nochd gun Chadal
Lyrics:
Nochd gun chadal, 's a-raoir gun chadal,
Nochd gun chadal, hù ro i;
Raoir 's a-nochd 's gach oidhch' gun chadal,
O gur maighdean bhrònach mi.
Diluain an uair a thriall am bàta
Leis na h-iasgairean air sgrìob,
Bha fuaim a' chuain nam chluais ag aithris,
"Gu bràth cha till do ghràdh, cha till."
An oidhch' o dheireadh fhuair mi cadal
B' aisling deurach bhuair mo chridh'
Nad èiginn bha thu luaidh 's a chagair,
Mu ghrunnd a' chuain 's tu fad' o thìr.
O, 's truagh nach robh mi 'm mhaighdean-mhara
'N oidhche a chaill sibh cùrs' sa cheò,
Stiùirinn 'n culaidh dhut gu cala
'S bhiodh m' ulaidh leam an tìr nam beò.
Ach nuair a dhùisg mi anns a' mhadainn,
Thàinig dòchas ùr do m' chridh';
Bha smeòrach brìodal rium le caithream,
"O thig e, thig e, 's bi aig sìth."
Ach 's mi bhiodh mùirneach, 's e bu diù leam,
Mo mhàthair chiùin bhith nochd san tìr,
Is mi nam phàidean 's i sam thulgadh,
'S chaidlinn sona, 's bhithinn aig sìth.