Back
Nochd Trom Tha Mo Cheum
Lyrics:
Sèist
A-nochd 's trom tha mo cheum
Is snigh' air mo ghruaidh fhéin
A-nochd 's trom tha mo cheum.
Gu bheil mise fo mhulad
'S mi air m' uilinn 'n Gleann Cuaicheadh.
Tha 'ad nan sìneadh 's na càrnan
'S luchd mo ghràidh a chumadh suas sinn.
Bha m' athair ann 's mo mhàthair
'S Raghnall àrd a' chùil dualaich.
'S gu bheil mise fo mhulad
Siud an gaol a rinn mo bhuaireadh.
Beannachd Dhia bhith dhan anam
Rìgh nan Aingeal gam buaireadh.
Chan eil fàth dhomh bhith gan ionndrainn
Chaidh an ùir air an duathar.
Gur h-iomadh piuthar tha gun bhràthair
'S gu bheil i cràiteach air uairean.
'S gur tric a thug 'ad dhomh preasant
'S 'ad nan seasamh ri m' ghualainn.
Chan eil mise ga àicheadh
Siod an dulag nach gluaiseadh.