Back

Nuair Bha Mi Òg

Lyrics:

Moch 's mi 'g èirigh air bheagan èislein,
Air madainn Chèitein 's mi ann an Òs,
Bha sprèidh a' geumnaich an ceann a chèile,
'S a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr;
Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan,
Cur tuar na h-oidhche na dheann fo sgòd,
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas,
Nach fhaigh mi cainnt gus a chur air dòigh,
Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn,
Bhon dh'fhàg mi 'n gleann 'n robh sinn gun ghò;
Bha sruth na h-aibhne dol sìos cho tàimhidh,
Is toirm nan allt freagairt cainnt mo bheòil,
'S an smeòrach bhinn suidhe seinn air meanglan,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Nuair bha mi gòrach a' siubhal mòintich,
'S am fraoch a' sròiceadh mo chòta bàn,
Feadh thoman còinnich gun snàthainn a bhrògan,
'S an eigh na còsan air lochan tàimh;
A' falbh an aonaich ag iarraidh chaorach,
'S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn,
Gach bot is poll agus talamh toll,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Toirt na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi
Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil,
A' falbh sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean
Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid;
Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa,
Ach dh'fhalbh an t-àm sin 's tha 'n gleann fo bhròn;
Bha 'n tobht aig Anndra 's e làn de fheanntaig,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan,
Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhò,
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach,
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò,
Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair,
Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò,
'S nam faicinn sluagh agus taighean suas annt'
Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg.

An uair a dhìrich mi gual an t-Sìthein,
Gun leig mi sgìos dhìom air bruaich an lòin;
Bha buadhan m' inntinn a' triall le sìnteig,
Is sùil mo chinn faicinn loinn gach pòir;
Bha 'n t-sòbhrach mhìn-bhuidh' 's am beàrnan-brìde,
An cluaran rìoghail, is lus an òir,
'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh,
'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl,
Nuair shèid i 'n dùdach 's a shìn an ùspairt,
'S a thog i cùrsa o Thìr a' Cheò;
Mo chridhe brùite 's na deòir lem shùilean,
A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl,
Far nach fhaic mi cluaran no neòinean guanach,
No fraoch no luachair air bruaich no lòn.