Back

Nuair Dh'iathas Ceò An Fheasgair Dlùth

Lyrics:

Nuair dh'iathas ceò an fheasgair dlùth
Cur smùid air bhàrr nam beann,
'S an crodh bhon innis cnàmh an cìr
Cho sgìth a' tighinn don ghleann;
Nuair bhios a' bhanachaig 'm beul na h-oidhche
Don laoigh toirt deoch le meòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

Nuair bhios a' ghrian san àirde 'n iar
Dol sìos aig crìoch an lò,
'S a' cur an soills' air feadh nan sliabh,
'S a sgiamh air dhreach an òir;
'S nuair bhios na caoraich leis na h-uain
Cho suaimhneach aig a' chrò,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

An uair bhios coileach ruadh an t-slèibh,
Measg gheugan leum cho beò,
'S a' gogail shuas mu bhil na fèith,
'S a chèile fhèin na chòir;
'S gach creutair beag mu sgàil nam bruach
Nan suain len àl gun treòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

'S ged bhiodh air an fheasgar gruaim
'S an t-slighe buan gu leòr
Is tuinn nan loch a' flodraich fuar
Lem fuaim am measg nan còs,
Gun dèan na thug mi dhut de luaidh
An ruaig chur air gach bròn;
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

Bheil cuimhne agad nuair bha sinn saor,
'S air feadh nan raon gun leòn,
A' buachailleachd a' chruidh 's nan laogh,
Gun smaoin air maoin no stòr;
Tha cuimhneachain air àm a dh'aom
Gam dhèanamh aotrom beò;
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

Tha bàt' na smùid don chala dlùth,
'S gach ròp is stiùir air dòigh,
'S nuair ruigeas i leam tìr mo rùin
'S an robh mi 'n tùs mo lò,
'S an anmoch chiùin nuair bhios gach flùr
'S an canach ùr nan glòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.