Back

Nuair Thig Oirnn an Samhradh

Lyrics:

Nuair thig oirnn an samhradh b' e m' annsachd 's mo mhiann,
Bhith dìreadh a' bhealaich nuair dh'èireas a' ghrian
Am feur air na raointean fo eallach de dhriùchd,
Is lùb air gach cuiseig, gach lus agus flùr.

Bu shunndach bhith 'g èisteachd san òg-mhadainn chiùin,
Ri ceilear na h-uiseig bràigh lòintean an driùchd,
I seinn òrain maidne le grinneas 's gach pong,
'S gach eun anns an ealtainn a' togail air fonn.

Tha 'n smeòrach gu cridheil san doire ud thall,
A' chuthag 's gùg-gùg aic' air mullach nan crann,
Grian òirdhearc a' boillsgeadh tro dhùmhlachd nan geug,
'S an driùchd air gach duilleig a' deàrrsadh mar reul.

Ged bhithinn fo mhìghean is m' inntinn fo leòn,
Mi airsneulach tùrsach neo-shunndach gun treòir;
Ged bhithinn gun spèiread is m' aigne fo phràmh,
'S e dh'fhuadaicheadh m' èislean bhith 'g èisteachd nan
dàn.