Back

Null Gud Chridhe Naomh

Lyrics:

O thoir mi null do Chridhe naomh,
Is cùm mi 'n tasgadh teann;
O iarr air m'anam siùbhlach truagh
A dhachaigh bhuan bhith ann.
O Ìosa, tha do Chridhe naomh,
Ciùin, caomhach, gaolach, còir;
Cha bhrist Thu spiorad an fhir fhaoin
No misneachd an fhir-bhròin.

O Mhoire, leis a'ghaol gun cheann
Thug Cridhe Chrìosd dhut fhèin,
Mo dhachaigh deònaich beò no marbh
Bhith 'n Cridhe gaolach Dhè.
O Ìosa, fosgail suas do Chridh',
Is gheibh mi fasgadh ann;
Tha m' anam sgìth de ghlòir gun bhrìgh,
'S le peacadh brònach, fann.

Chan fhaigh mi fois ged dh'iarrainn tàmh
An cùisean fann, neo-bhuan;
Tha aon Chridh' ann as fhiach mo ghràdh -
Chan fhàs an Crìdh' sin fuar.
O Ìosa, thig gam iarraidh tràth -
Tha fadal orm ad dhèidh;
Tha cabhag orm gun tig an là
A bhios mi làmh riut fhèin.