Back

Null Thar an Aiseig

Lyrics:

Sèist

Thèid mi null gu tìr mo rùin,
Thèid mi null thar an aiseig,
Thèid mi null gu tìr mo rùin,
'S mòr mo shunnd a' tilleadh dhachaigh.

Thèid mi null ann thar a' Chaoil,
'S ann ann a tha mo dhaoine fanachd.
Gheibh mi fàilt' bhom mhàthair chaoin,
Nuair bu mhaoth mi, 's i rinn m' altram.

Chì mi 'm bàta fo a siùil
A' tighinn dlùth don a' chala,
Chì mi m' athair aig an stiùir
'S cha bhi cùram oirnn ron chas-shruth.

Às a' bheinn gun toir mi fiadh,
Gheibh mi iasg às an abhainn;
Le mo ghunna, mar is miann,
Gheibh mi liath-chearc is lacha.

Bidh mo chridhe leum le mùirn,
'S mòr mo shunnd is chan airtneal;
Chan eil coimeas tìr mo rùin
Ann an dùthaich eil' air thalamh.