Back
Ò Horò ’ille Dhuinn
Lyrics:
O horó 'ille dhuinn
'Ille dhuinn bhòidhich
O horó 'ille dhuinn.
Thì, gur mis' tha fo mhulad
Giùlan cular Rìgh Deòrsa.
O horó 'ille dhuinn...
Mi bhith a' giùlan a' ghunna
Ann an cuideachd a' chòirneil.
O horó 'ille dhuinn...
Fhuair sinn òrdugh bhith meàrrsadh
Dh'ionnsaigh sràid nan ceum còmhnard.
O horó 'ille dhuinn...
Dh'ionnsaigh sràid nan ceum socrach
Nach dochainn ar brògan.
O horó 'ille dhuinn...