Back
O Mìorbhail Gràis
Lyrics:
O Mìorbhail gràis! Nach brèagha an ceòl
'S E lorg mi 's mi air chall,
Air seachran dorch', gun neart, gun treòir,
'S a dh'fhosgail sùilean dall'.
'S e gràs thug eòlas dhomh air m' fheum;
'S e gràs thug saors' is sìth;
'S cha cheannaicheadh òr a' chruinne-chè
Chiad là bha fois nam chrìdh'.
Tre iomadh cunnart 's trioblaid chruaidh
Thug E gu sàbhailt mi;
An gràs a shaor bhon bhàs le buaidh
Chan fhàg 's cha trèig gu sìor.
San dachaigh bhuan gun uair gun tìm,
'S deich mìle bliadhn' mar là,
Cha sguir an ceòl 's chan fhàs iad sgìth
A' seinn a-chaoidh mun ghràs.