Back
O Mo Chlann
Lyrics:
O mo chlann tha an-diugh air m' aire,
'S O mo chlann tha an-diugh air m' inntinn;
Feuch nach fhàg sibh e ro fhada
Gun ar taghadh dhèanamh cinnteach.
Ged a bhuineadh dhomh bhith taingeil,
Is mar phàrant bhith fo fhiachan;
Mar a faic mi anns a' chrò sibh,
Chaoidh ri m' bheò cha bhi mi riaraicht'.
'S e mo ghuidhe sibh bhith tèaraint'
Ann an gàirdeanan Fear Saoraidh;
A thuirt "Fuilingibh" do na leanabaibh;
'S ann da seòrs tha 'm baile nèamhaidh.
'S nuair, a ghràidh, a gheibh sibh tuigse
Mis' bhith ann no às ar làthair;
Dèanaibh feum do là a' chothroim
'S gheibh sibh carthannas na ghràdh-san.
'S nis mas crìochnaich mi na roinn seo,
Taing do m' athar is do mo mhàthair
Airson an teagaisg thug iad dhòmhsa
Nuair a bha mi òg nam phàisde.