O Mo Dhùthaich 'S Tu Th' Air M' Aire
Lyrics:
O mo dhùthaich 's tu th' air m' aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan galan
Far a faighte na daoin' uaisle
Far am bu dual do Mhac 'ic Ailein.
Tìr a' mhurain, tìr an eòrna
Tìr sam pailt a h-uile seòrsa
Far am bi na gillean òga
Gabhail òran 's 'g òl an leanna.
Thig iad thugainn, carach, seòlta
Gus ar mealladh far ar n-eòlais
Molaidh iad dhuinn Manitòba
Dùthaich fhuar gun ghual gun mhòine.
'S gu dè stàth dhomh bhith ga innse
Nuair a thig sibh 's ann a chì sibh,
Samhradh goirid 's foghar dìsleach
'S geamhradh fada na droch shìde.
Nam biodh agam fhìn de stòras
Paidhir bhrògan, briogais aodaich
Agus m' fharadh bhith nam phòca
'S ann air Uibhist dhèanainn seòladh.
'S gura mise tha gu cràiteach,
'S trom mo cheum, neo-aotrom tha mi,
On a dhealaich mi rim chàirdean
Thuit mo chridhe 's mo cheòl-gàire.
Fhir a shiùbhlas bàrr an t-sàile
Thoir mo shoraidh gu mo chàirdean
Guidheam nach trèig sibh ur n-àite
Airson uachdaran no bàillidh.
Chan eil buaidh nach eil ri àireamh
Air Uibhist os cionn gach àite,
An t-eilean garbh mun iadh an sàile
Gheibh an srainnsear aoigh is blàths ann.