Back
O 'S Fheudar Dhomh Bhith Togail Orm
Lyrics:
Sèist
O 's fheudar dhomh bhith togail orm
Fuireach cha dèan feum ach falbh,
O 's fheudar dhomh bhith togail orm
A dhìreadh nam fuar-bheann.
'S ann an uair bha sinn ri mireadh
Air an àirigh am bràigh ghlinne,
Chaidh na saighdean ann am chridhe,
Nighean donn na buaile.
Do na h-Innsean 's tric a sheòl mi
'S anns gach caladh tha mi eòlach;
Tè nì coimeas riut am bòidhchead
Gus an seo cha d' fhuair mi.
Rìgh! Gur mise tha fo bhròn dheth
Air an tulach seo nam aonar,
Fàth mo mhulaid thu bhith pòsta,
Òg-bhean a' chuil dualaich.