Back

Och nan Och, Na Bheil air M' aire

Soraidh

Lyrics:

Sèist

Och nan och na bheil air m' aire!
'S truagh, a-nochd, na bheil am dhìth!
Siud e, rìgh! gur mòr mo ghaol ort,
Ged nach fhaod mi bhith ga inns'.

Tha mi 'g ionndrainn is chan àicheadh
Mi 'n tè bhàn a bha san fhrìth.
'N dèidh dhomh buachailleachd 's a h-àrach
'S eagal leam gun d' fhàg i mi.

A Bheinn Bhreac nan creachann àrda
'S tric a shàraich thusa mi;
Ach tha mi 'm bliadhna dol gad fhàgail -
Soraidh slàn leat gus an till.

Chan eil cnoc no glac a d' aodann,
Coire fraoich a-bhos no shìos,
Nach eil a' cuimhneach' iomadh rud dhomh
Ged nach fhaod mi bhith ga inns'.

Soraidh leis gach beinn is fireach -
A bheinn, om mithich dhomh bhith triall,
Guidheam fada fèidh ad ghlacaibh;
B' e bhith 'n taice riut mo mhiann.