Back
Och nan Och, Tha Mi Fo Mhulad
Lyrics:
Sèist
Och nan och, tha mi fo mhulad,
Dhomhsa tha mo chòmhradh duilich,
'S cruaidh an càs, ach 's fheudar fhulang,
Nach fhaod mi fuireach ann ad chòir.
Tha mi nis an seo glè chianail,
Falt mo chinn gach là a' liathadh,
'S e bhith cuimhneach Leòdhas riabhach
Tha gam leagail sìos le bròn.
'S iomadh madainn bhòidheach shamhraidh
Bha mi ruith nan cnòc 's na gleanntan,
'S beag a shaoil mi ann san àm sin
A bithinn tha an-seo ri 'm bheò.
'S cuimhneachadh nam beanntan rìomhach,
Far is moch a dh'èireadh grian orr',
B' iomadh madainn 's oidhche bhreagha
Bha mi ann ri cualach bhò.
Ach thèid mis' air ais a Leòdhas,
Eilean còmhnard, seasgair, bòidheach,
Fanaidh mi gu crìoch mo lò ann
'S gheibh mi sòlas ann ri 'm bheò.