Och Ochan, A Rìgh, Gur Nì Ro Iongantach Gràdh
Lyrics:
Och ochan, a Rìgh, gur nì ro iongantach gràdh
Ghlac e mi fhìn 's chan fhaod mi fuireach nam thàmh;
Bhris e mo chridh' is sgaoil e m' aignidh fo bhlàth
'S bidh mise 's tu fèin 's cha trèig an comann gu
bràth.
'S an nuair tha mi beò bidh mo dhòchas annad gach uair
Nuair rinn thu mo leòn bu dhòmhsa an gath a bha
cruaidh;
Cha chaidil mi oidhch' nach cuimhnich mi ort aig an
uair
'S e tròcair dha-rìribh an nì bha mise cur suas.
Ged bha peacadh mar bha bha 'n gràdh ro-aithnichte
dhòmhs'
'S mar chaith mi mo là, a ghràidh, gun dhol na do
chòir;
'S an fhìrinn ag ràdh gur feàrr thu ri t' iarraidh nan
t-òr
Bha m' aineolas ann 's mar allt gun shil mi na deòir.
Mo chuspair m' fhear-iùil, mo shùilean chunnaic do
shlàint'
Cha b' aithne dhomh riamh thu gun deach mi gad
iarraidh gun dàil;
'S a' chùmhnanta shìorraidh dh'obraich thu an gnìomh le
do làmh
'S nach iongantach leam gun cunnte mis' ann gu bràth.