Back

Ochoin a Rìgh, Gur E Mi Tha Muladach

Lyrics:

Ochoin a rìgh gur e mi tha muladach
Nach robh mi thall an Loch Aills' cuide riut,
Far am bi na h-òigearan ag òl nam buidealan
'S a' gabhail òran is stòp an urr' aca.
Ochoin a rìgh.

Tha mi fo èislein an dèidh a' fhleasgaich ud
A dh'fhalbh an-dè ann am beul an leth traighidh,
Air m' fhacal fhèin gu bheil m' inntinn urrasach
Mu fear a' chùl dualaich nan gruaigeadh leadanaich.
Ochoin a rìgh.

Cha ghabhainn nàire son suidh' an taice riut
Ged bhiodh do chàirdean an àite faicinn dhomh,
A rìgh mar tha gur a mòr a pheacaich thu
Ma rinn thu m' fhàgail is càch a sheachnadh orm.
Ochoin a rìgh.

Cha chreidsinn tuailisgein ort ged chluinninn i
Chan fhanainn bhuat ged a bhuailte buil' orm,
Ged ruiginn shuas h-uile uair a b' urrainn mi
Ged bhiodh an fheanntag is meall mud mhuineal dhith.
Ochoin a rìgh.

Gur mi bha brònach nuair sheòl a Victory
Nach robh mi pòst' aig a' bhosan's mate aice,
Gum b' fhuar na neòil nuair bu bhòidhche bheatadh i
'S i falbh gu siùbhlach 's na siùil ma seach oirre.
Ochoin a rìgh.

Nam faighinn tìm 's ann a sgrìobhainn litir dhut
Ag innse dùrachd is rùn mo chridhe dhut,
'S e fàth mo leòin ged is bòidheach sgiobalt' i
An dèidh a cèireadh cha leugh thu idir i.
Ochoin a rìgh.