Back

Ochoin Mar Dh'fhalbh Sinn

Lyrics:

Hì rìthill èile hò ro,
Ho rò ho rìthill hò rò,
Hì rìthill èile hò rò,
Ochòin! Mar a dh'fhalbh sinn.

An oidhche sin a bha sinn
An cala Cheann Loch Àlainn,
Bha sìd' againn gur n-àilgheas
'S i blàth gun dad soirbheis.

Cha b' fhada mach sa chuan sinn
Nuair thrus a' ghealach buaile;
Bha cuid dhi dearg is uaine,
Bha gruaim oirre gu soirbheas.

Dol seachad Iochdar Eirig
Gun thòisich i ri sèideadh;
A' mhuir na gleanntan èitidh
'S na speuran fo dhalla-bhrat.

'S gun leig sinn ris an tràigh i
Cho fad 's a leigeadh làn i:
An tràth fhuair sinn a toirt sàbhailt'
Gun tug sinn làmh air gealbhan!