Back

Òganaich An Òr-Fhuilt Bhuidhe

Lyrics:

Sèist

Òganaich an òr-fhuilt bhuidhe,
Leat a chinneadh sealg is sitheann;
'S ann ad ghruaidh a bhiodh an rudhadh
Nuair a bhiodh tu siubhal bheann.

Nuair a dhìreadh tu na stùcan
Leis a' ghunna chaol nach diùltadh,
'S i do luaidhe ghorm is d' fhùdar,
Chuireadh smùid air feadh nan gleann.

Dhòmhsa b' aithne cuid ded àbhaist,
Ged nach innis mi ach pàirt dheth –
Sitheann à beinn is iasg à abhainn
Nuair a thairgneadh càch an t-srann.

Òganaich an òr-fhuilt shnìomhain,
Dh'fhàg thu saca trom air m' inntinn;
'S mur a till thu nall don tìr seo,
Mo thoil-inntinn bidh air chall.

'S lèir a' bhlàth siud air mo ghruaidh-sa,
Gun tug mi dhut gaol nach fuaraich;
Dh'innis iad gun tug thu fuath dhomh,
Ach cha chreid mi, luaidh, an cainnt.

Ach nam biodh e mar bu mhath leam,
Bhiodh tu 'd bhàillidh air an fhearann-
Do chòir sgrìobht' o làimh Mhic Cailein,
Cha bhiodh m' earrann-sa dheth gann.

Ged a bhithinn ann an iarainn
Fhad 's bu bheò mi ga mo phianadh,
Cha leig mi do ghaol air dìochuimhn';
Seo a' bhliadhn' a liath mo cheann.