Back

Oidhche Dhomh 'S Mi Suirghe

Lyrics:

Oidhche dhomh 's mi suirghe
'S mi na mo bhalachan òg
Thuirt iad rium gun lorgainn i
Fo shàil nam beanntan mòr
Chaithris mis' an oidhche sin
Is roinn den mhadainn òg
'S nuair chaidh mi dh'iarraidh rùm oirre
'S ann thog a' mhaighdinn sròin.

Is beag tha fhios aig pàisdean
Cho sàthraichte 's a tha 'n gaol
Dheidhinn chun na h-àiridh
Air sgàth 's gu faicinn i
Is shiùbhlainn troimh na fàsaichean
'S chan fhairichinn nàdar sgìths
Nan 's nan tugadh tu car làimhe dhomh
Gu faigheadh m' inntinn saors'.

A rìbhinn a bheil cuimhn agad
Do choibhneas bho chionn ràith
An oidhche chaidh mi shealltainn ort
An dùil gum faighinn àit
Le briseadh cridhe mheall thu mi
'S toil inntinn dha mo chràidh
'S tu 'n-diugh mar shneachd a' gheamhraidh dhomh
Air mullach beanntan àrd.

Ach innsidh mis' an t-seòrsa dhuibh
A chòrdadh ri mo chàil
Caileag laghadh, bhòidheach
À Leòdhas nam beann àrd
Tè gun uaill gun mòr-chùis
A shuidheadh stòlt' ri càrn
A bhruisigeadh mo bhrògan dhomh
'S a bhleòghnadh bò air blàr.

Sguiribh dha ar gòraich
's bi sibh tòrr nas fheàrr
Dèanamh airson pòsadh
Fhad 's bhios ar pòcaid làn
Ma chì sibh caileag bhòidheach
À Leòdhas nam beann àrd
Thoir tairgse 's airgead pòsaidh dhith
'S bi còmhla rithe gu bràth.