Òran a' Chàbhaill
Lyrics:
O, faca sibh a' chulaidh air a bheil na sgiobair
Tormod?
O, faca sibh a' chabhall ud, a' chabhall a tha
dealbhach?
Gu dearbha fhèin tha cearcall oirr', 's tha cas innt'
nach eil cearbach,
Is chuir iad an t-slat drom' oirre le ribheidean is
tairgean.
An taigh-thàbhaidh a rinn Ragaidh, O, am faca sibh e,
bhalachaibh?
Cha chreid mi fhìn ged chanainn e nach beireadh i air
cearban;
Tha Sgonaidh 's e na sgiobair oirr', tha tuigse mhath
an Tormod
Gu bhith roinn nan cudaigean nuair thig iad dhachaigh
anmoch.
Tha Dòmhnall Thomain 's suigeart air gu tric ag
iarraidh maorach,
Tha croman-sgruim is peil' aige, 's gun teagamh tha e
saothrach;
Gu tric e 'n cladach Sgiogarstaidh sna sgeirean, 's tha
e daonnan
A' coinneachadh nan eathraichean gu faigh e bhuapa
crùbag.
Gu tric a-muigh sa mhadainn iad gu moch mun dèan sinn
dùsgadh,
Bidh iad a' falbh nan cladaichean gun anam ach an
triùir ac';
Buntàta ruadh a' bhail' againn chan fhaigh iad
nise caomhnadh,
'S mus bi an seusan seachad ac', glè fhalamh bhios gach
cùil dhiubh.
Mus teirig nis am foghar seo bidh Ragaidh 's e na
chiùirear,
Tha iad ga reic 'nam peileachan, 's air tasdan gheibh
thu taosg bhuap;
'S nuair lìonas iad na baraillean 's thèid iad air
feadh na dùthcha,
Faodaidh luchd an sgadain dhol a chadal is gun
dùsgadh.
Ighneagan a' bhail' againn a chleachd bhith dol
chun iasgaich,
Cha tèid sibh nis a Shasainn, O, cha leig sibh leas am
bliadhna;
Chan fhad 's gu faic sibh Ragaidh aig an doras ga ur
n-iarraidh
Gu sgoltadh dhaibh na cudaigean, 's na cutagan chan
iarr sibh.
Nì mi nis co-dhùnadh ann an dùil gum bi sibh sealbhach,
'S gu soirbhich leis an triùir agaibh 's nach dìobair
culaidh Thormoid;
'S e sgiobair math da-rìribh e, 's tha innleachdan tha
garbh ann,
'S tha feagal mòr air daoine seo gu sgrìob na laoich an
fhairge.