Back

Òran a' Mhagarine

Lyrics:

O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich;
An t-ìm a thug na ceannaichean dhuinn dhachaigh às an Òlaind
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.

Tha cuid ag ràdh g' eil stamhan ann,
G' eil feamainn dearg a' chladaich ann,
Cuid eile gur e blanaig na muic'-mhara th' ann an tòrr dheth.
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.

An t-ìm as fheàrr a fhuaireadh ac'
Gu bheil e bonn 's a luach oirnn,
Gun dùisg e ormsa gruaimean chur air uachdair arain-eòrna.
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.

Biadh nan Gall cha chaomh leinn e
'S e dh'fhàg iad fhèin gun chlì annta,
Cha mhoth' iad na sìthichean tha 'n taobh na Beinne Mòire.
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.

Bidh e 'n-còmhnaidh 's fiamh air,
Agus eagal ron a' sgian air,
Is chan iarr e bheag a liàcradh gu leudaich e gun òrdugh.
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.

O siud an t-ìm a shàraich mi
Is cha b' e ìm nan àrd-bheannan;
Cha d' rinneadh air an àirigh e, no 'n àit' a b' aithne dhòmhsa
O 's mòr a tha mo dhiombadh ri sùgh a' chruidh neònaich.

Nach seall sibh air a' chìocharan
Nuair gheibh e a' chiad fhiacail aig;
Gur seo an nì a dh'iarras e, 's dè an t-iongnadh ged nach mòr e?