Òran a' Mhotor-càr
Lyrics:
Sèist
Fire, faire, feadh a' bhaile aig na mnathan aosda,
Cha chreid iad nach e breitheanas tha 'n dèidh tighinn
an taobh seo,
Coidseachan gun ghearrain air an talamh
tarraing dhaoine,
Saoil sibh nach nach e 'n t-Aonadh thug saorsa dhan
nàmhaid!
Gur mise ghabh an t-eagal, 's cha bu bheag a ghabh mi
dh'uabhas,
Nuair chunnaic mi chùis-eagail, rinn e fead aig
Guala Shuarbi,
Chan fhanadh e ri bheannachadh, dol seachad aig taigh
Ruaraidh,
'S chan fhaca mi cho luath ris dol suas a' Chlach Àrd.
Tha fear dhiubh ann a' Sgèabost 's gur aighearach iad
fèin leis,
Na faiceadh sibh na h-innealan nis an dèidh an
gleusadh,
Là thug iad Lachlainn leotha choimhead air taigh Ghèsto
Cha tilleadh esan dhachaidh ann, ged gheibheadh e dha
fhèin e.
Sin nuair thuirt Lachlainn ris, "Mo thruaighe mar a
dh'èireas!
A Choinnich, nì thu marbhadh, chan fhalbhainn chon na
fèill leat.
Innealan gun tùr, gur e ùilleadh tha gan
gleusadh,
B'fheàrr leam na brùidean bhiodh ùr bhàrr an
t-slèibhe."
'S ann bhios gach cailleach fhearaideach gu h-ealamh
dhìom a' faighneachd,
"Cò ris a tha e coltach, na 'm bi e muigh san
oidhche?"
Nach iongantach na Sasannaich, gach fear a thèid na
bhroinn dhiubh,
'S ann chualas a-raoir gur ann san Fhraing rinneadh àd.
Chan urrainn mis' a choltas a chuir idir ann an clò
dhuibh
Tha e air ceithir chuibhlichean grinn agus ròb orra;
Strìochagan de pheanta tarsainn air an t-sròin
aige,
Cha b' urrainn mi ga aithneachadh, chan fhanadh e rium
dòigheil.
'S e ainm ta air an uidheam sin ta siubhal leoth' gu
h-èibhinn
Thig i mar an dealanach à Sasann do Dhùn Èideann;
Thèid i don a h-uile àit', nam b' urrainn i san
fhèithe
Gur e motor-càr a their càch ris sa Bheurla.
Sìos Cille Mhoire, thàinig Cron a-mach à saibheir;
Dh'èigh e, "Mhic an Donais, air do shocair!" ris
an dràibhear;
Air dha-san bhith na Shasannach cha tuigeadh e a'
chainnt seo
'S mharbh e gamhainn Gallda teann air Cnoc Holl.
Suas bruthach Mìobhaig cha ruitheadh e ach mall
dhaibh,
Mach a nochd am Breabadair is dileag anns a' cheann
aig';
E 'n dùil gur e beairt-fhighe bh' ann, an dèidh tighinn
bhon Bhan-Rìgh
Ghabh e staigh a-rithist, 's rinn e sliobhagan den
t-seann tè
(Na facail à Gairm, Àireamh 52, Am Foghar 1965)