Òran a' Phort Hardy
Lyrics:
Nuair dh'fhàg sinne Auckland 'n dol fodha na h-oidhch',
'S a fhuair sinn fo òrdugh na ròpan thoirt innt',
Thàinig poidhleat air bòrd innt' le òrdugh bhon chinn
'S gun dèanadh e stiùireadh le shùil air an rinn.
Tha nise 'n uair a' tighinn fagas dhol dhan bharaille 'n àird,
Gu cumail oirr' faire bho sgaradh an là,
'S nuair bhios mi gam dhalladh aig cabhadh an t-sàil,
Thoir mo dhùrachd-sa dhachaigh gu cailin 'n fhuilt bhàin.
Mo shoraidh chun an luchd-ceàird chuir am Port Hardy na cèis,
A bhuail innt' gach ribheid bho steama gu stern.
Le pleitichean iarainn bha dìonach is glèidht',
Le einnseanan cruaidh ri toirt buaidh ri leum.
Tha cliù aig a' bhàta ud gu snàmh air a' chuan,
'S i a fhreagradh a stiùir chun na cùrsa 'n droch uair,
Bha scriuthaichean dùbailte, 's iad siùbhlach is geur,
'S bha log aig a quarter toirt àireamh dha luaths.
Na ceudan de mhìltean bho thìr bha i mòr,
Fairge dha-rìribh ri 'g èirigh mu sròin.
Cùrs' an ear-thuath againn shuas air a' bhòrd
Le fadachd gum buannaich i Cluaidh 's an King George.
'S ann tha 'n àmhghar 's an cunnart bhith siubhal a' chuain,
Gach oidhche agus latha muigh air faram nan stuadh,
Le dìth lòin agus cadail cumail fair' oirr' gach uair,
'S bhith ri 'g èisteachd ceòl na mara bristeadh geal oirr' mun cuairt.
Cha chluinn mi aig ceannaich', aig clachair no saor,
Air àmhghar na mara, cha dèan e dhomh inns';
Nuair thig esan dhachaigh 's e anshocair, sgìth
'S ann thèid e dhan leabaidh 's a chasan air tìr.
Air oidhche na Bliadhna Ùire bha sinn dlùth dhan Chanàl,
Bha na rionnagan ciùin, bha 'n aimsir cho blàth.
'S th' ann tha an oidhch' aig na balaich am baile mo ghràidh,
Bidh fèill air gach caileig, gan caithris gu latha.
Bha seòldairean gast' aig a' Chaiptean air bòrd -
Gun dèanadh iad cuibhreadh 's gu sploidhseadh iad ròp':
Bha aon dhiubh à Barraigh 's triùir bhalach à Leòdh's
'S Murchadh am balach a bh' againn na bhos'n.
'S truagh nach robh m' astar gu acarsaid m' òig,
Far an lìbhriginn an cargu air tràigh a' Mhoil Mhòir,
Far 'eil ribhinnean àlainn le Gàidhlig gu leòr,
'S a dhèanadh le aoibhneas dhuinn faighneachd dè ar beò.