Òran a' Phort Sydney
Lyrics:
Nuair rinn am Port Sydney leinn seòladh tron oidhch'
Le seisear à Leòdhas de sheòladairean grìnn,
'S e 'm mate nach robh dòigheil gar faicinn fon dram
'S a' cluinntinn na Giidhlig gu làidir ga seinn.
Nuair a sheòl sinn à Lunnainn bha i fuar agus reòtht' -
'S e sin dh'fhàg na balaich ag òl san taigh-òst';
'S Nuair thàinig àm dùnaidh chaidh cuid aca air bòrd,
'S cuid a Bhùth Tarzan, son tuilleadh ri òl.
'S a-mach air an t-slighe chaidh ar n-obrachadh cruaidh -
Bha fallas a' ruith dhinn na shruthan beag luath,
Sinn shìos as na tuill aic, le basgaidean guail,
'S a' winch gan tarraing le cabhaig a-nuas.
Bha 'm bosun ri 'g èigheachd rinn shuas bhon deic àrd
Sinn lìonadh na basgaid na b' aithghearr 's na bu làin,
Ach dh'èigh e ro thric rinn, 's chaidh fear dhinn an-àird -
Chaidh breith air 's a chrathadh 's a leagail gu làr.
'S nuair ràinig sinn New Zealand, New Plymouth a' chiad àit';
A sin a dh' Abuia - baile beag nan cnoc àrd:
Na bha pheanta na toiseach, gach ròp agus sàbh,
Chaidh a chreic an Abuia ri bodaich an àit'.
Seo crowd dha na balaich bha againn air bòrd -
Bha Caimbeulach Ghrabhair, MacCoinnich 's MacLeòid;
Tric iadsan ri 'g ràdh, ma thig crìoch air a' bhòids',
Gur ann thèid iad dhachaigh a dh'obair a' chlò.