Back

Òran Chairistìona Brus

Lyrics:

Sèist

Ho rò cha bhi mi gad chaoidh nas mò,
Ma thrèig thu mise cha lugh' orm thu,
Nan tigeadh tu rathad bu tu m' aighear 's mo rùn,
'S nam faighinn do litir gum brisginn a-null.

Ged tha mi nam chìobair a' dìreadh nam beann,
'S a' teàrnadh nan glaicean chan fhad' bhios mi ann,
'S ann thèid mi a-null far an cluinn mi do chainnt,
'S gura leasachadh slàint' dhomh mo làmh chuir na d' làimh.

Gun tèid mi san ùir, air mo dhùnadh sna clàir,
Àilleachd do ghnùis, bidh nam shùilean a ghnàth,
Dh'fhàg thu neo-shunndach mi dìreadh na h-àrd,
Muigh aig fuaradh nam beann is gach àm 's gun mi slàn.

Tha mo shùilean a' sileadh mar fhrasan an àit',
Mo fhrasgan air losgadh le teothad do ghràdh,
Fo eagal 's fo iomagain 's fo imcheist gach là,
Gun toir mac a Ghoill bhuam thu 's nach buannaich mi d' làmh.