Back

Òran Chaluim Sgàire

Lyrics:

Air fail a ra u
Fail eile 's a ra u
Fail eile 's a ra u
Hogaidh o 's na ho i

Och a Rìgh gur trom m' osna
'S fhada ò mo luaidh anochd mi
Mise tuath air Ceann Lochlainn
'S ise aig Loch an Fhir Mhaoil

Dh'fhalbh i, ghlais i leinn dhaichaigh
Chuir i chuairt ud air Arcaibh
Cruinn ùra 's siùil gheala
Tìde mhara 's i leinn

Ged is math a bhith seòladh
'S olc a tha i 'gam chòrdadh
'S mòr gum b' fheàrr a bhith 'm Bòsta
Cur an eòrna 'san raon

Ach nam bithinn-sa aig baile
A shamhradh 's a dh' earrach
'S mi nach leigeadh mo leannan
Ri balach gun strìth.