Òran Choir Odhar
Lyrics:
Anns a' mhadainn 's mi ag èirigh
'S neo-èibhinn a tha mi,
Cha b' ionnan 's mar a b'àbhaist domh
Nuair bha mi sa Ghleann.
Bhon a thàinig mi 'n taobh-sa
'S beag m' shunnd ri ceòl-gàire;
Tha eilean nan àrd-bheann
Gach là tighinn nam shùim.
Gur ann gòrach a bha mi
Nuair a smaoinich mi fhàgail
Gur ann ann gheibhinn bàidh agus dòigh.
Cead laigh' agus èirigh
Gun chùram fon ghrèin dhomh;
Cha robh fàillinn na èis air mo lòn.
'S mi 'n Coir Odhar nam fiadh bheann
Dh'fhàg m' aigne cho cianail.
Chan eil iongnadh gad liathainn le bròn;
Gun nì air gach làmh dhìom
Ach coilltean is fàsach
Is monaidhean àrda fo cheò.
Tha mi faotainn gach riasladh,
Le droch shìd' agus siantan,
Mach air frìthean nam fiadh,
Mi gun dìon na gun sgàil.
Mi sgìth air mo chasan,
Ri cuibhleadh a' bhara,
Gu saoil mi le fadal,
Gur seachdain gach là.
'N àm tighinn dachaigh san fheasgar,
Bidh e drùidhte trom chraiceann,
Mo bhiadh cha bhi deasaicht'
Ged is beag dha mo chàil.
An fhàrdach bidh falamh
Gun cheò far an teallaich,
Cha b' ionnan sna gleannaibh
Far na chleachd mi bhith tàmh.
Ach nuair a thig deireadh bliadhna
Gur ann luath nì mi triall às
Air long-adhair na sgiathan,
Nach till siantan a' Mhàrt.
Gu seòl mi leath' thairis,
Thar chuain is thar bheannaibh;
Gun gabh mi gach aithghearr
Go eilean mo ghràidh.