Back

Òran do Cheit

Lyrics:

Tha mi duilich
Anns an Earrach
Nach robh thusa nad fhlùran beag thu fhèin;
Tha mi duilich
Anns an t-samhradh
Oir bha thusa cho blàth ris a' ghrèin.

Cha do chaidil mi a-raoir
Bha mi smuaintinn ort;
Cha chaidil mi a-nochd
Tha mo chridhe cho goirt
'S cha chaidil mi a-màireach nas mò.

Tha mi duilich
Anns an fhoghar
Nach robh thusa air falbh leis a' ghaoith.
Tha mi duilich
Anns a' gheamhradh
'S bithidh mi duilich anns a' bhliadhna ùr.

Cha do chaidil mi a-raoir
Bha mi smuaintinn ort;
Cha chaidil mi a-nochd
Tha mo chridhe cho goirt
'S cha chaidil mi a-màireach nas mò.