Back

Òran do dh’Ìle

Lyrics:

Bu mhiann leam mum fàg mi Gleann cràiteach nan deòir
A bhith siubhal thall sàile gu àros an fheòir
Gus an ruig mi an t-àite rinn m' àrach 's mi òg
Tìr thìreil nan àirigh, innis àlainn nam bò.

Mar leanabh am broilleach, mar ghràdhach na shuain
Tha 'n t-eilean na laighe ann glacaibh a' chuain
An glacaibh an t-sàile a ghlanas am fonn
'S a phògas an cladach aig tràigh gheal nan tonn.

Roghnaich rìghrean air tùs e seach eilean san iar
'S tha eachdraidh-san cliùiteach air clàraibh nan cliar
Gur bòidheach a lòintean 's a chòmhnardan rèidh
Bheil coimeas do chòrsan fo chromadh nan speur?

Mo bheannachd gu sìorraidh le Ìle nam buadh
Brod fearainn mo shinnsir, innis thìreil nam buadh
Dh'fhàg e mise fo mhì-ghean, fo mhì-thlachd 's fo ghruaim
Bhith air faondradh bho d' chrìochan, 's tric snigh air mo ghruaidh.