Òran Don Èideadh Ghàidhealach
Lyrics:
Fhuair mi naidheachd as ùr
Tha taitinn ri rùn mo chrìdh',
Gum faigheamaid fasan na dùthch'
Chleachd sinn an tùs ar tìm:
On tha sinn le glainneachan làn
A' bruidhinn air mànran binn,
'S i deoch-slàinte Mhontròis
A sheasadh a' chòir seo dhuinn.
Chunna mi 'n-diugh an Dùn Èideann
Comann nam fèileadh cruinn,
Litir an fhortain thug sgeul
Air toiseach ar n-èibhnis dhuinn:
Pìob gu loinneil air ghleus
Air soilleireachd rèidh an tuim;
Thug sinn am follais ar n-èideadh,
'S cò a their reubail rinn?
Deich bliadhna fichead is còrr
Bha casg den chlò mur druim;
Fhuair sinn ad agus cleòc
'S cha bhuineadh an t-seòrs' ud dhuinn;
Bucaill a' dùnadh nam bròg,
'S e 'm barrall bu bhòidhche leinn;
Rinn an droch-fhasan a bh' oirnn
Na bodaich der n-òigridh ghrinn.
Mhill e pàirt der cumhachd
On bhlàr gu mullach ar cinn;
Bha sinn cho làn de mhulad
'S gun d' fhàs gach duin' againn tinn;
'S ann a bha 'n càs cho duilich
'S a thàinig uile rir linn,
Nuair a rinn pàrtaidh Lunnainn
Gach àit' is urram thoirt dhinn.
O 's fhada bha 'n onoir air chall
Is fasan nan Gall oirnn dlùth,
Còta ruigeadh an t-sàil,
Cha tigeadh e dàicheil dhuinn;
B' èiginn don bhriogais bhith ann,
Nuair chaidh an commannd cho cumhang
'S gun d' rinneadh gach fine na thràill,
'S gach fireannach fhàgail rùisgt'.
Tha sinn a-nis mar is math leinn
'S gur h-àrd ar caraid sa chùirt,
Chuir air na daoin' am fasan
Rinn Pàrlamaid Shasainn thoirt dhuibh
Beannachd gu bràth don Mharcus
A thagair an-dràst' a' chùis
Fhuair e gach dligheadh air ais dhuinn
Le ceartas an rìgh 's a' chrùin.
Tha sinn an comain an uasail
A choisinn le cruadal cliù;
Chuir e le teòmachd làidir
Faoineiseachd chàich air chùil
Oighre chinn-chinne nan Greumach,
'S iomadh fuil àrd na ghnùis,
'S ann tha Marcus an àigh
Am mac thig an àite 'n Diùc.