Back

Òran Gaoil

Lyrics:

S ged nach cleachdadh dhomh bhith bàrdachd tha nam dhàn gun dèan mi luaidh
Air maise 's cliù is àilleachd an tè as fheàrr a
dh'fhàs oirr' suaimhn'
'S gur i an tè a ghràdhaich mi air an do dh'fhàs aon
bhile gruaig
'S a-chaoidh cha dèan mi tàir oirr', gus an càrar mi
san ùir.

'S gur pearsach, dealbhach dh'fhàs i bho sàil gu bàrr a cinn,
A sùilean tha làn gràidh dhomh 's a còmhradh tha leam
binn;
A bilean tha mar ròsan 's a pòg chan eil nas mìls',
'S cha cheil mi fhìn gu bràth nach i àilleagan mo
chrìdh'.

Cha tèid e feast air dìochuimhn orm, aon oidhche 's mi ri taobh;
Bha ghealach na làn shoillse cur mais air feadh an
t-saoghail,
'S nuair sheall i orms' san aodann gu h-iochdmhor,
ciùin, le sùil,
Dh'fhàg siud mise cianail, 's mo chridhe reubt'
nam thaobh.

Their cuid gu bheil mi gòrach 's ro òg gu bhith an
gaol,
Ach cha dèan sin mo leòn-sa bhon tha mo bhòid dhith
saor;
Is tha mi ann an dòchas, mur bheil mo bharail faoin,
Gum bi i agam pòsda, 's gun dìth stòras oirnn no maoin.