Òran Margadh an t-Salainn
Lyrics:
Sèist
O 'n cual', an cuala sibh 'n caithream ud,
E 'n cual', an cuala sibh 'n sadadh ud,
O 'n cual', an cuala sibh 'n t-sabaid,
Bha 'm Margadh an t-Salainn an-dè?
Nuair chruinnich iad còmhla san taigh-òst', aig M'Kennie,
'S ann ann a bha bhòilich mun dòigh bh' aig an seanair,
Mar bhuaileadh e dhòrn is mar dh'òladh e searrag,
'S ann bha e san tabaid ro-threun.
Bha pìobaire 'n aona phuirt a' bronnagail le faram,
Gun ghaoithe na phluic, ach mar chluicheadh e achlais,
Fidheall dà theud air ghleus na deanaibh,
A' togail làn aighear nan treun.
Bha Bridget air cabhsair 's i dannsa ri Brolligan,
Ceann-rùisgte, cas-rùisgte, 's chnacadh i corragan,
Spreadadh i 'm poll a-nall mu na h-oisinnean,
'S ghlaodh i le sodan, "Ho-rè".
Bha Mìcheal MaGinty 's e seatadh ma coinneamh,
Bha toll aig an uilinn 's bha 'm mullach tro bhonaid,
Bha bhriogais na stròicean, 's a bhròg air a h-oir aige,
Is leth-shlat de chotan na dhèidh.
Ach thòisich an iorghail nuair chruinnich na fineachan,
À Ulster, à Munster, à Antrim, 's Leitrim,
Connaught, 's Tralee, 's O' Shees à Limerick,
'S thàinig na fir à Kildare.
Na O' Rorks 's na M'Gorks 's iad a' mort nan O' Branigans,
Bh' aig Kelley shillèlah 's e 'g èirigh air Flannigan,
Mìcheal Mulhoul gun dhall e O' Rafferty
'S leag iad M'Cafferty fhèin.
Nuair thòisich an tuasaid bu chruaidh a bha 'n sadadh,
Bha slaodadh air cluasan is struaiceadh air claiginn,
Gach fear air a bhualadh is spuaic air a mhalaidh,
'S e glaodhaich air caraid gu streup.
O' Brian, 's O' Ryan, O' Reilly, 's O' Ligerim,
O' Brearie, 's O' Learie, O' Sheaie, 's O' Sigerim,
O' Hara, M' Ara, O' Larra, 's O' Liderim,
Barney M'Fiddie, 's M' Dade.
Nuair shèid iad na fìdeagan chìte nan cabhaig iad,
A' crùban gan deòin 's gach fròig am falach;
Gun tug iad an cinn sna tuill fo thalamh,
Mar radan is abhag nan dèidh.