Òran na Briogais
Lyrics:
Fhuair mi briogais de mhoilsgin
'S bha i saor mar bu chòir dhith bhith,
Tà, cha robh i ro bhòidheach
Ann an dòigh thèid mi ràdh ribh;
On a chroch mi i chiad uair
Gus an deach i na h-iallan
Cha robh latha sa bhliadhna
Nach robh i 'g iarraidh a càradh.
Nuair a chaidh mi ga ionnsaidh
Thuirt am marsanta riumsa
Bheir mi dhut cunnradh
Briogais ùr ghlan on tàilleir;
Bheir dhomh trì is sia sgillinn
'S gu dè 's fheàrr dhut na sineach,
Ged nach maireadh i mionaid dhut
Bhiodh i guinea aig càch ort!
Chreid mi 'n uairsin a bhriathran
'S dùil nach innseadh e breugan,
'S chuir mi null dha na dh'iarr e
Ged nach b' fhiach i ach pàirt
Dhen na thug mi seachad
'S nach robh ann ach an t-ainm dhith,
Niste chunna mi 'm bargan
Nuair bha mi searbh dhith ga càradh.
Siud a' bhriogais bha daor dhomh
Mar a thuigeas na daoine
Bha mi sàs innte daonnan
'S iomadh aon thug dhomh snàthad;
Eadar phutan is aodach
Is pìos a dhìth oirre daonnan,
Bha i not tha mi smaointinn
Eadar saothair is càineadh.
Chan eil feum a bhith cantail
Na bhith 'g innse mar thachair,
Tha mo bhriogais-sa seachad
'S cha robh i math, tha mi 'g ràdh ribh!
Nuair a thug mi i dhachaidh
Bha gach aon rium a' cantail,
'S i tha brèagha san dath
Agus "Meal is caith i!" ars àsan.
Saoil an urrainn dhomh innse
Mar a ghiorraich i m'inntinn
h-uile là agus oidhche
'G iarraidh pìos gus a càradh;
Nuair a chromainn no dhìrinn
Chluinninn sracadh gu h-ìseal
Gus na dh'fhàs mi cho sgìth dhith
'S thug mi dìreach dhan cheàird i.