Òran na Tulchainn
Lyrics:
An tulchann a bha dìreach, bu ghrinn agus maiseach i
Chaidh tilg sìos cho ìosal, cha chiatach ri fhaicinn i.
Ciod uime am biodh oirnn mìghean mun nì sin a thachair dhuinn,
Nam bitheamaid ri thiodhlaic, bu sgeul ro mhì-thaitneach e.
Chaidh sinne an leabaidh dhùint' agus chrùbain sinn tiota beag,
Thàinig cadal air ar sùilean, chum dùnadh mar thigeadh dhaibh.
'S e chiad nì chuir fuathas oirnn am fuaim bh' aig na clisnichean
'S gum b' ealamh rinn sinn gluasad nuair luasgain ar misneach oirnn.
An sin thòisich mhì-riaghailt - chaidh a' ghriasach a sgapadh oirnn,
Gum b' e gun deach a sgiathabh sìos fo na leapaichean;
Ghrad dh'èirich sinn an àird a bhàthadh nan sradagan,
'S bha cùram oirnn an tràth sin gun cailltear an aitribh oirnn.
Cha deach sinn uile air arradh, b' e an t-àm dhol air tapadh e,
Na h-uile tè bu làmhchar toirt làmh air na plaideachan;
An cribeachan nan gamhna gun thàmh sinn gu madainn ann
'S gum b' fhad' an oidhche gheamhraidh san àm ri chur seachad ann.
Ach mochthrath Diciadain bu chiatach a' mhadainn i,
Chaidh fios air feadh na tìr a dh'innse mar thachair duinn;
Na h-uile fear a chual' e bu luath gu siubhal e,
Chan fhanadh iad rim feudail, 's feum an Ach' an Ruidhe ann.
Nuair chluinneas Dòmhnall Ruadh seo, cha dual gum bi gàire air
Cha mhò bhios air Pàdraig, gun tàinig a' charraid oirnn,
Iad fhèin bhith fada thall san àm an robh chabhag ann,
'S on a tha sinn uile an làthair gur dàn dhuinn bhith talachadh.
Bidh dragh no dhà ri ùine anns a' chùis seo mas maireann oirnn:
Bidh dèilichean is cùilean ri ghiùlan à Raineach leinn,
Bidh saor ri thoirt gan dlùthadh mar ùrachadh barantas,
'S bidh pàirt a dhalach dùbailt ri thoirt à bùth nan ceannaichean.