Òran nan Dròbhairean
Lyrics:
Nach cianail tha mi fhìn 's mo Dhòmhnallan
An Gleann Smeòil mas geamhradh e,
Gun neacha beò bhith tighinn nar còir
Mus dig Mac Còrn a shealltainn oirnn;
A Rìgh, gur seachdain liom gach latha
Gos an dig blàths an t-samhraidh oirnn,
An uair a bhios na gillean òga
Tighinn air tòir nan gamhnaichean.
Siud far an robh an seòid -
Na dròbhairean nuair ghluaiseadh iad,
Na Bàideanaich bho sliabh gu tràigh
'S an Clàrca na dhuin-uasal' orr';
Bha MacPhàrlain is MacMhaoilein
'S Mac an t-Saoir à Ruadhain ann,
'S ma sheasas iad aig tòir na prìs
Cha fheàrr a' righ nan tuathanach.
'S bha iomadh glòir ann an Gleann Smeòil
Nuair thigeadh oirnn an samhradh ann -
A' ghrian mar òr dol sìos fo sgleò
Is ceòl an crò nan gamhnaichean;
Bhiodh iomadh spòrs aig sean is òg
'S bu shòlasach bha 'n danns' aca;
Bhiodh iasg is feòil ri dìosgail bhòrd
Bha sùgh an eòrn' is branndaidh ann.
Siod far a robh na balaich ghasta
Chridheil thapaidh sheannsgeulach,
'S nuair thigeadh iad air tòir nam mart
Cha bhiodh an achlais gann aca;
S O, bu toigh liom a' fear fialaidh
A bha riamh mar shamhl' orra -
Le osan geàrr is fèileadh-beag
Is daor a chuir e Chaingeis orr'.