Back

Reul Àlainn a' Chuain

Lyrics:

A Mhaighdean as gile, a Mhoire mhìn Mhàthair,
Nad chom-sa na aonar bha 'n Slànair a' tàmh;
Tha 'n oidhche, a Mhoire, air tuiteam mun cuairt -
Nach nochd thu do shoillse, Reul àlainn a' chuain?

Sèist

Reul àlainn a' chuain, Reul àlainn a' chuain
Nach nochd thu do shoillse, Reul àlainn a' chuain.

Tha 'n oidhche le neulaibh a' còmhdach an t-saoghail,
Tha bratach an dorchadais sgaoilt' anns a' ghaoith,
Tha 'n Eaglais ga buaireadh 's tha sùil coimhead suas –
Nach nochd thu do shoillse, Reul àlainn a' chuain.

Bu lèir do mhac Dè d' anam geal 's e gun bheud,
'S nach tàinig am peacadh na chòir ghabhail seilbh;
Cha d' bhuin e bho thùs ach don Tighearna 's uaisl',
Is choisrig e d' shoillse, Reul àlainn a' chuain.

An talamh cha tug ach aon fhasgadh do Dhia,
Am fasgadh sin cridh' na h-Òigh' beannaichte, fial;
Bha fàrdach Mhic Dhè agus fasgadh nan truagh
An soillse do chrìdh'-sa, Reul àlainn a' chuain.