Back
Rìbhinn Bhòidhich Nach Toir Thu Gèill
Lyrics:
Sèist
A rìbhinn bhòidheach nach toir thu gèill dhomh,
'S nach dèan thu èisteachd le spèis rim chòmhradh;
Mo bheatha saoghalta gun saors', gun fheum dhomh
Mas e mo thrèigsinn a nì riut còrdadh.
D' ìomhaigh àlainn mar mhadainn Chèitein
'S a' ghrian ag èirigh air slèibhtean ceòthar;
Chan fhaca Adhamh an Gàrradh Èdein
Nas àill' na m' eudail am measg nan ròsan.
Dhutsa lùiginn bhith dlùth 'n àm èirigh,
Fad mo rèis bhithinn rèidh rid iarraidh;
'S tu cuspair m' àraich, 's tu leigheas m' eucail,
Iùil mo cheum, 's tu mo reul gu sìorraidh.
Nì aois an sgiamh tha nad ìomhaigh fhuadach
'S a h-uile dual tha nad chuailean a liathadh
Ach, och, mo chiats' dhut, cha chiar 's chan fhuaraich;
Bidh e, luaidh, dol nas buan gach bliadhna.