Ròsan an Leth-bhaile
Lyrics:
O chan e fuaim na gaoithe an raoir chum an cadal uam
Droch phrìs air crodh no caoraich, no idir beud bho ghadaichean;
'S e mhill mo thàmh, 's bu leòr siud, mo rùn geal òg bhi fada nis
Bhon ghleann san tric gun èireadh ar gràdh d'a chèile dh'aidich sinn.
Sèist
Seinn cliù na h-ainnir bhòidhich ud, Ròsan an leth-bhaile
A' chaileag laghach mhòdhar ud, Ròsan an leth-bhaile;
'S math bhuineadh dha bhi sòlasach, òranach, coileireach
Fear gheibheadh gealla-pòsaidh bho Ròsan an leth-bhaile.
'S math dh'fhaodas muinntir Chòmhaill bhi mòr-chuiseach ma m' leannan-sa
'S gach filidh a nì òran bhi seinn m'a dòighean banalta;
Nuair bha i bhos an taobh seo, 's gann fhuair mi fèin aon sealladh dhith;
Nuair thàinig orm a gaol ceart mar thig air craobh an dealanach.
Gum molainn do gach òigear a gheibh bhith còir na finne ud
Bhith seachnach air a mìog-shùil mar math leis crì-leon tinneasach,
Mur siud 's an t-òr-fhalt deàrsach is tric a' snàmh m' a slinneinibh
Mur bhoillsgeadh gealaich làn oidhche shàmhach air linne mach.
Chan iongantach mo luaidh-sa bhith suairce deas, cinneadail,
Chan ann an coill' a' chrìonaich tha 'm freumh on do ghineadh i
Tha ghèig de stoc is aìrde, 's tha bhlàth sud air mar chinnich i
'S ged tha i fathast uaine, tha buain air aire iomadh fear.
B' e fèin, 's mo rùn air làimh aige, 'm fear gun ghràs gun duinealas,
Nach aidicheadh gum b'fhaoin leis na h-àite maoin na cruinne seo;
Ged b' ann am bothan-àirigh bu leamsa gràdh na cruinneig ud
Cha mhinig talla rìoghail sam faighte 's aoidh a bhuineadh dhomh.
'S truagh gun bhith 'n-diugh le m' annsachd san t-seann dòigh ghasta bhòidheach ud
Cur seachad tìm an t-Samhraidh an Còmh'l nan gleannta seòbhragach
Measg pailteas gruth is uachdar, ceol chuach is caidreabh neò-chiontach
Gun caitheamaid ar 'n ùine cho sunndach ris na smeòraichean.
Seinn cliù na h-ainnir bhòidhich ud, Ròsan an leth-bhaile
A' chaileag laghach mhòdhar ud, Ròsan an leth-bhaile;
B' e latha 'n t-sonais dhòmhsa an là sin a bheireadh dhuinn,
Air ais gu tìr na h-òige Ròs bhòidheach an Leth-bhaile.