Ruaraidh Iain Thàilleir
Lyrics:
S mi gad fhaicinn an-dràst', do dhealbh mu m' choinneamh,
'S fhad' a-nis thu nad laighe bho raointean na Fraing;
'S beag a dh'fhios bh' agam fhìn nuair a fhuair mi d' eòlas
Gun do ghabh thu dhan dìon, olc is uabhan aig daoin'.
O 's beag a bha dh'fhios 's na làithean òg sin an Uibhist
Nuair bha 'n ùine cho luachmhor is beatha cho slàn.
Agus dè shaoil thu fhèin nuair a chuir an Rìgh fios ort
Cogadh gad fheitheimh, an cladach ri d' chùl?
Seall mi an-dràst', mo bheatha mu m' choinneamh,
Mo theaghlach nach d' rugadh dhan t-saoghal-s' tha meallt'.
Tha 'n galar air tilleadh, tha e fàs gu ar milleadh
Mar chearcall timcheall ar n-eilean a-rithist.
'S mi gad fhaicinn ann fhathast, do dhealbh mu m' choinneamh,
Aodach an airm is coltas a' bhlàir.
Cha do dh'atharraich an saoghal, O Ruaraidh Iain Thàilleir,
Bidh againn ri fulang; tha thusa nis saor.