’S e Gillean Mo Rùin
Lyrics:
S e gillean mo rùin a thog oirnne sunnd
'S e seo a' Bhliadhn' Ùr thug sòlas oirnn
'S e gillean mo rùin a thog oirnne sunnd.
'S air m' uileann san leabaidh an dèidh dhol a chadal
'S ann chuala mi a' Challaig 's gun d' chòrd i rium.
'S e gillean mo rùin a thog oirnne sunnd
'S e seo a' Bhliadhn' Ùr thug sòlas oirnn
'S e gillean mo rùin a thog oirnne sunnd.
'S bha fear dhiubh san Spàinn am batal 's am blàr,
'S thàinig e sàbhailt' 's neònach e.
'S e gillean mo rùin a thog oirnne sunnd.
'S bha fear dhiubh san Fhraing 's thàinig e a-nall
'S gabhaibh sinn 'n dràm seo còmhla ris.
'S e gillean mo rùin a thog oirnne sunnd.
'S e bha fear dhe na gillean a sheinneadh an fhidheall
'S e miann na cloinn-nighean a bhith 's t-seòmar leis.