S e Mo Bheachd Ort, A Bhàis
Lyrics:
S e mo bheachd ort, a bhàis, gu bras thu ri pàirt,
'S gur teachdaire, làidir, treun thu;
An cogadh no 'm blàr cha toirear do shàr,
'S aon duine cha tàr do thrèigsinn.
Gun tug thu an-dràst' dhuinn buille no dhà,
Chuir eaglaisean bàn is foghlam;
Is fhurast' dhomh ràdh gur goirid do dhàil,
'S gur tric a' toirt beàrn nar Clèir thu.
Bhuin thu rinn garbh mun dithis seo dh'fhalbh
Nuair ruith thu air lorg a chèil' iad;
Cuime nach d' fhàg thu bhuidheann a b' àirde
A bhiodh do chàch ro fheumail
A' bhruidhinn a b' fheàrr a' tighinn om beul,
'S an cridheachan làn de reusan,
Chaidh gibhteachan gràis a mheasgadh nan gnàths
'S bha 'n cneasachd a' fàs da rèir sin.
Tha 'm bàs os ar cinn gar glacadh le tinn,
'S le fradharc ar cinn cha lèir e:
Ach tha glaodh aig' cho cruaidh 's gum faodadh an sluagh
A chluinntinn le cluasaibh reusain:
Nach dearc sibh a chùl is fear aig fo iùil,
'S e sealltainn le shùil gu geur air;
An-diugh ciod am fàth nach biodhamaid air gheàrd,
'S gun bhuin e ar nabaidh an-dè uainn.