Back

'S E Mo Cheist An Gille Donn

Lyrics:

Sèist

Hìthillean na hìllean ì
Hìthillean na hìllean ò
Fàillill èile 's hòro ì
Mo thruaighe mi mur faigh mi thu.

'S e mo cheist an gille donn
Thèid do chrannaibh àrd nan long
'S ged bhiodh tu gun nì gun fhonn
A d' aodach lom gun gabhainn thu.

M' eudail m' aighear is mo luaidh
Seòladh àrd air druim a' chuain
Saoilidh mi an ceann gach uair
Gun tig thu nuas gam amharc-sa.

Tha mi gun airgead is gun òr
Chan e seo a rinn mo leòn
Ach nach fhaic mi thu rim bheò
A' seòladh taobh an fhearainn seo.