Back
'S e Mo Leannan Mac Fir Baile
Lyrics:
S e mo leannan mac fir baile
Hì liù, hì liù
Aig a bheil na caoraich gheala
Hì liuan is hò rò.
Aig a bheil crodh-laoigh sna beannaibh
Aig a bheil crodh-laoigh sna beannaibh
Cha b' e neul na gaoithe Cèitein
A bh' air mo leannan-s' ag èirigh
Beul an latha 's dreach na grèine
Beul an latha 's dreach na grèine
Gheall e mo phòsadh mu Shamhain
Caisteal a chur dhomh air bhannaibh
Fiamh an òir chur air a' bhalla
Fiamh an òir chur air a' bhalla
Ràinig mi samhradh a' bhainne
Samhradh nan laogh bhreac bhallach
'S e e fhèin a thrèig a ghealladh
'S e e fhèin a thrèig a ghealladh