Back
'S e 'n Gille Dubh as Àille
Lyrics:
S e 'n gille dubh as àille,
'S e dh'fhàg an-diugh fo phràmh mi;
On dh'fhalbh e bhuam air uchd a' chuain
Le luingeis luath nan àrd chrann.
'S e 'n gille dubh as àille.
Tha mise dubhach cràiteach
'S mi bleoghan cruidh air àirigh;
Tha gàir' nan tonn gam fhàgail trom,
Cha tog mi fonn 's cha ghàir' mi.
'S e 'n gille dubh as àille.
Gur maiseach fearail àlainn
Tha fleasgach deas nam blàthshùil;
Gun siùbhlainn leis an cuan mu dheas
Ri fuachd no teas bhiodh gàbhaidh.
'S e 'n gille dubh as àille.
Gum b' òg thug mi mo làmh dha
'S rim bheò cha dèan mi àicheadh;
Mo dhùrachd bhlàth a h-uile latha
Gun stiùir e dhachaigh sàbhailt'.
'S e 'n gille dubh as àille.