Back

S e Siabost as Boidhche

Lyrics:

Sèist

'S e Siabost is bòidhche far na thogadh òg mi suas,
Far bheil na cruachan mònadh 's na beanntan mòr mun cuairt,
Na h-eòin bheaga 's ceòl aca air mòintich seinn an duan
Bidh coileach-fraoich is smeòrach ann, gum b' eòlach mis' orr' uair.

Tha gàraidhean is buailichean, bh' aig sluagh nach eil an-diugh beò
A-nis nan tulaich uaine, air an cuartachadh le feòir;
Fo iomall na Slaig Luaraich, bha mi 'm bhuachaill' ri crodh mòr,
Measg ghillean agus ghruagaichean an uair a bha mi òg.

'S e cuimhne 's òige th' agamsa air Leòdhas bhith làn sprèidh;
Air bhuachailleachd a b' eòlach mi, làn sòlais bha mo cheum,
Am measg nan gruagach bhòidheach, le òran aig gach tè,
Na banachaig dol gu mòintich ann, a' tarraing feòir an clèibh.