Back

'S Fhada Bhuamsa Thar a' Chuain

Lyrics:

S fhada bhuamsa thar a' chuain
'S fhada bhuamsa mo dhachaigh
'S tric mo smuain-sa 's i ruith bhuam
A dh'Uibhist a Tuath gu mo dhachaigh.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Tha mi 'n seo air cost na Fraing'
'S beag na th' ann dhuinn ri tilleadh,
'S mòr a th' air tuiteam dhuibh mu thràth
Nach tog làmh, no sùil cha phriob iad.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Chan eil fasgadh 'n seo neo dìon
Cladhach thuill sìos fon talamh
Shells a' spealtadh oirnn mun cuairt
Gun bhuaidh bidh m' uaigh-sa 'n seo ro mhadainn.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Na mo smuain-sa tha 'n ciad-làmh
'S air cainnt a bheòil 's a shùil a' sileadh
"Tha Dover air a dhol an ceò
'S cha bhi mi beò gus fhaicinn tuilleadh."
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Cluinn an sin an còmhradh thall
Mar bha 'n dàn dha sa mhanadh:
Mu robh 'n oidhche sin ach òg
Fhuil is fheòil cha robh cuideachd.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

B' e mo mhiann-sa bhith 'n-dràst'
Dèanamh tàmh fo Chnoc a' Bharraich
Cluinntinn fuaim tighinn far Tràigh Stìr
Na cheòl binn nam sheòmar-cadail.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Dh'èirinn 'n sin à leabaidh bhlàth
'S chuirinn fàilt' air grian na maidne
Nam mhiann-sa cuairt chuir air an Àird
'S air grìoban àrda do Ghob Fada.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Chromainn sìos air an Tràigh Mhòir
'S dhan Chròic Bhig 's Polung cha mheallain
Gu Caolas Bhaighleis dhan Tràigh Iar
'S dhìrinn siaban crìochan Sholais.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Ann an cogadh chan iarrainn làmh
Air sgàth rèit gur làn mo dhaga,
Gus, nuair a nochdas rinn an nàmh,
An sin gun dàil gun cuir sinn stad air.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

Co-dhùnaidh mi a-nis mo dhàn
'S biodh sìth a' tàmh gu bràth an Uibhist
'S na gillean dh'fhàg i thoirt à sàs
'S gu math slàn a nì iad ruighinn.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.