Lyrics:
S fhada leam an oidhche gheamhraidh,
'S fhada 's fhada 's fhada leam i,
'S O, chan fhaic ach prèiridh lom mi;
Cha chluinn tonn ri tighinn gu tràigh mi.
Sèist
Fàili, fàili, fàili hò ro
Fàili, fàili, fàili hò ro
Fàili, fàili, fàili hò ro
'S cian nan cian on dh'fhàg mi Leòdhas.
'N àm don fheasgar bhith ri ciaradh
'S tric a bhios mo chridhe cianail
Cuimhneachadh g' eil cian nan cian uam
Far 'm bu mhiann leamh dhol a chèilidh.
Chan ann a lùchairt mhòir nan cùirtear
Ach don bhothan thughaidh shùgrach,
Teine mònach air an ùrlar
'S luchd mo rùin-sa cruinn a' cèilidh.
Bhiodh na bodaich rianail, dòigheil,
Nam biodh bunag chrèathadh 's ceò ac',
Bhiodh na brogaich snìomh nan snòta
Air glùin rùisgte, siud an dòigh orr'.
Bhiodh seann shaighdear nan ciad cruaidh-chath
'S leis a' chlobha anns an luath aig'
Dealbh dhuinn mar a thug a' bhuaidh iad
Mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh.
Bhiodh seann sheòladair 's air stòl e
'S cha robh cuan no loch nach d' sheòl e;
'S nuair a thòisicheadh ri sgeòil e,
Gillean òga dheigheadh ga èisteachd.
Ach sgap an comann, sgaoil na fiùrain,
'S tha gach sgeulaiche 's an ùir air,
Chunnaic mise cridheil, sùrdail,
'S O, mo dhùrachd, bhith gan èisdeachd.
Ach càite nis a-nochd an tèid mi?
Chan eil cèilidh air a' phrèiridh,
'S O chan fhaic mi 'n àm dhomh èirigh
'N àirde 'g èirigh ceò na mònach.