Back

'S Gann gun Dìrich mi Chaoidh

Lyrics:

Sèist
'S gann gun dìrich mi chaoidh
Dh'ionnsaigh frìthean a' mhonaidh
'S gann gun dìrich mi chaoidh.

'S truagh nach robh mi ann an Glàmaig
'S ise làn agam air tulaich.

'S mi bhith 'g amharc air na slèibhtean
Far am bi na fèidh a' fuireach.

Far am bi 'n damh 's a chùl brùite
Nuair rachainn-sa le m' rùn air uillinn.

'S fhuair mi litir o na h-uaislean
Nach fhaodainn fhìn a dhol a mhonadh.

'S tha mo ghunna caol air meirgeadh
Cha tèid mi don t-seilg leis tuilleadh.

'S tha e 'n crochadh air na tàirnean
'S cha b' e siud leam àite fuireach.

Pàdraig Mòr an Ceann Loch Aoineart
Rinn e foill 's cha d' rinn e buinnig.

'S bidh mi nis a' falbh na h-Innsean
'S chan fhaic mi mo nighneag tuilleadh.

'S chan fhaic Pàdraig mi air fàire
'S cha chluinn e stàiririch mo ghunna.